Scottish Gaelic Folktale La dh' an robh Fionn Mac Cumhail agus a' chuid eile de'n Fheinn anns a' bheinn-sheilg, dh' e/irich cur agus cathadh; agus mu'n d'fhuair iad an t-sealg a chur cruinn, thainig an t-anmoch orra. Sgi\th, airtneulach, mar a bha iad, thog iad orra gu tearnadh gu baile. Mar a bha iad ag gabhail air an aghart gu trom, athaiseach, thainig iad air bothan fa\s am bra\ighe glinne, agus ghabh iad gu ta\mh ann. Dh' fhadaidh iad teine, agus chaidh na gillean air su\rd gre/idhidh, agus gus am biodh an eanraich ullamh, tha\isich iad air iomairt nan co\rn agus air seanchas mu'n a\m bho shean. Chuir cuimhne air cliu\ an sinnsirean togail fothpa mar a b'a\bhaist; agus thubhairt iad uile cruinn-co\mhla, gu'm b'e mo thruaighe duine no beathach a thigeadh a chur dragh air an Fheinn an oidhche sin, no a theannadh ri ta\ir a thoirt do dh' Fhionn. An teis-meadhoin na bruidhne so, thigear maigheach chaol, ruadh a stigh, agus gun fhiamh, gun umhail, cuirear car no dha dhi air a' chagailt, agus togar an luath mu na sparran; agus thugar a mach oirre. Ma thug, cha deachaidh sin air mhi-thapadh dhaibhsan -- thug iad duibh-leum a mach as a deaghaidh; ach chaidh iad 'nam brath-cheo\ cho mo/r le dorchadas a tha\inig orra agus nach bu le/ir dhaibh a che/ile. Lean Fionn agus a dha ghille dheug i, a bhun 's a lorg, thar gualainn a' ghlinne agus cha do chaill iad sealladh oirre gus an do leum i a stigh air sgu\id de thigh u\dlaidh a thachair orra aig bun si\thein. Gu de an tigh a bha an so ach tigh a' Bla\ir-Bhuidhe, famhair a bha a' tighinn beo\ air tuirc-nimhe agus air feoil dhaoine. Rachar a stigh agus gabhar sgeul, ach cha d' fhuaras forfhais air a' mhaighich. Cha robh a stigh ach a' bhean agus i a'fuineadh; cha d'thainig am Bla\r-Buidhe dhachaidh as a' bheinn-sheilg. Thug i biadh agus deoch dhaibh; agus thubhairt i gu'm b' fhearr dhaibh a nis a bhi a'falbh mu'n tigeadh am Bla\r-Buidhe dhachaidh. Thubhairt Fionn nach do theich iad roimh dhuine riamh, agus nach deanadh iad toiseach de'n Bhla\r; agus theann iad ni b'fhaide a stigh. "Feith ri a dheireadh," ars' a'bhean. Mar a thubhairt, b'fhi\r; cha d'fhuair iad iad fhe/in a shocrachadh ach gann, tra a dh'fhairich iad stu\irn-sta\irn aig an dorus. Co/ a bha'n sud ach am Bla\r-Buidhe agus a ghillean, is torc-nimhe mo/r, fiaclach aige-san air a mhuin. Thug e crathadh beag mo/r air fe/in a chur an t-sneachda dheth, agus chuir e crith fo'n ursainn is fo shuidheachan an tighe! "Tha mi a' faireachdainn fa\ilidh fharbhalach romham, a bhean, co/ so a th' agad an nochd?" ars am Bla\r. Dh'innis a'bhean na h-aoidhean a tha\inig air choimheadachd oirre bho'n a dh' fhalbh e. "A mach do ghillean, Fhinn, a thoirt na h-eallaiche dhi\om," ars' am Bla\r. Cha d'thug Fionn an t-euradh do dhuine riamh, agus cuirear sianar dhiubh a mach far an robh am Bla\r. Mu'n gann a bha iad seach an stairsneach bhuail am Bla\r slat-na-draoidheachd orra, is bha iad 'nan cuilbh-chloiche; agus chuir e air taobh tuath an doruis iad a chur stad air a' ghaoith-dheathaich. Dh' fha\g e an sin iad; is thug e fhe/in 's a ghillean a stigh an torc. Cha d'fhuirich iad ach ri robladh lomaidh a thoirt air, is chuir a'bhean air e anns a' choire-mho/r -- 'na chlosaich mar a bha e. Mu'n d'fhuair e ach goil is leth-ghoil, sparr am Bla\r bior-na-feo\la ann, is bha sud aige air an u\rlar, agus gun tuilleadh da\lach shuidh e fhe/in 's a ghillean mu'n cuairt air. Gach cnaimh mar a chriomadh iad thilgeadh iad sud gu Fionn is gu a ghillean. B' olc a' bhiadhtachd e, ach cha robh comas air. Bha Fionn 'na thosd is 'na chuimhne, agus b' ion da sin. An uair a bha 'n ro\ic thairis, 's cha b' fhada chuige, dh'iarr am Bla\r-Buidhe an t-ubhal o\ir a thoirt a nuas gus an oidhche fhada gheamhraidh a chur seachad air Fionn. Thug i (a'bhean) a nuas an t-ubhal 's thug i dha\ e. Tho\isich iad air a che/ile leis an ubhal, is ma tho\isich, cha b' fhada gus an do chuir am Bla\r as do 'n iomlan de ghillean Fhinn. Thuig am Bla\r nach deanadh e an gnothach air Fionn fhe/in leis an ubhal, 's thubhairt e gu'm feumadh iad dol a ghleachd. An dromannan a che/ile gabhar iad, ach ged a bhitheadh iad fhathasd ag gleachd, cha tugadh e glideachadh air Fionn. Tra chunnaic am Bla\r gu'n do thachair a sheise ris, dh' iarr e air a mhnaoi a' ghreideal a chur air gus an rachadh casan Fhinn a gharadh, gur cinnteach gu'n robh e fuar 's an oidhche chruaidh reo\dhta a bh' ann. Dh' iadh iad uile mu Fhionn (sin tra a thubhairt e, "Cha duine duine 'na aonar,") agus sparr iad air a' ghreidil e, gus an do loisg a chasan gu ruig na sleisdean. Bha Fionn a nis gun chomas suidhe. Leig am Bla\r rochd ga\ire as, agus sparr e stob-na-feo\la troimh a dha shliasaid, is bha e an sin gun chomas e/irigh no suidhe. Shaoil leis a' Bhla\r gu'n robh e gun phlosg analach, is thilg e seachad anns a' chu\il e. Cha robh Fionn riamh roimhe an gailc a bu mho\ na so, ach an uair a bha e eadar an t-euradh 's an aimbeairt; agus cuimhnichear e gu'n robh co\rn-nam-fiu\bh aige, is gu'n cluinnteadh e ann an co/ig co/igeamhan na h-Eireann. An uair a ghabh an tigh gu fois, mha\gair e a mach gu dubh balbh sa\mhach gu mullach cnuic is she/id e an co\rn tri\ uairean. Fad an ama so, bha a' chuid eile de'n Fheinn gu dubhach, deurach air to\ir Fhinn. Cha d' fha\g iad cu\il no cial gun sireadh, is iarraidh-mharbh aca air. Mu dheireadh thall an uair a thug iad geill is dubh-gheill, chuala Diarmad Donn, mac a pheathar, an co\rn, is ma chuala, cha bu rabhadh gun fhreagairt. Bha fhios aige gur a h-e/iginn-ba\is a bheireadh air Fionn an co\rn a she/ideadh. Thuig e gu'n robh an gnothach gu h-olc, is thug e bo\id is briathar air a chlaidheamh nach rachadh biadh no deoch thar anail gus an co/bhradh e air bra\thair a mha\thar. Thog e air, e fhe/in 's a ghillean, is bu cham gach di\reach leotha thar chnoc is shloc, agus ge b' fhada bhuapa e, cha b' fhada 'ga ruighinn iad. Fhuair iad Fionn 'na dheoiridh truagh, gun chomas e/irigh no suidhe am fasgadh tuim. Dh' fharraid Diarmad dheth ciod a dh' fhairich e. "Is coma sin," arsa Fionn, is dh' innis e dha gach car mar a thachair, mar a mharbh am Bla\r-Buidhe na gillean, agus an droch ghiullachd a fhuair e fhein bhuaidh; is chomhairlich e dha-san tilleadh dhachaidh mu'n e/ireadh an cleas ceudna dha -- gu'n robh esan mar a bhitheadh e, co dhiubh. Bho\idich is bhriathraich Diarmad nach tilleadh e gus an d'thugadh e a mach an aichmheil, is gun tuilleadh a ra\dh thug e tigh a' Bhla\ir-Bhuidhe air. Cha robh a stigh ach a' bhean agus i a' fuineadh. Thug i biadh is deoch dhaibh is ghabh i an sgeul. Dh' innis i dhaibh gu'n robh am Bla\r-Buidhe anns a' bheinn-sheilg, is gu'm b'fhearr dhaibh a bhi a'falbh mu'n tigeadh e dhachaidh mu'n e/ireadh dhaibh mar a dh' e/irich do dh' Fhionn. "A roghainn biodh dha," arsa Diarmad, "ach cha' n fhalbh sinn gus an toir sinn a mach an aichmheil," is shuidh iad a stigh. "Feith ri a dheireadh, ma ta," ars' ise. Cha robh iad ach goirid mar sin tra dh' fhairich iad stu\irn-sta\irn aig an dorus. Co bha an sud ach am Bla\r 's a ghillean, is torc-nimhe mo/r fiaclach aige air a mhuin. Thug e togail bheag mho/r air fhe/in a chrathadh an t-sneachda dheth, agus chuir e crith fo'n u\rsainn is fo shuidheachan an tighe. Ghlaodh e, "Tha mi faireachdainn fa\ilidh fharbhalach romham, a' bhean, co/ so a th' agad an nochd?" Dh' innis a' bhean gu'n robh Diarmad 's a chuid ghillean. "A mach do ghillean, a' Dhiarmaid, a thoirt dhi\om na h-eallaiche," ars' am Bla\r. Leum Diarmad e fhe/in a mach; agus mu'n d'fhairich am Bla\r thall no bhos e, mharbh e an darna leth de a ghillean agus chuir e turraich air tharraich iad, air taobh deas an doruis mu choinneamh ghillean Fhinn. "Is olc an t-aoidh thu," ars' am Bla\r. "Mur faic thu na's miosa na sud dhi\om, mu'n tig an latha, na bi a' gearan," arsa Diarmad, is gun tuilleadh bruidhne, thug e a stigh an torc. Ghre/idh iad an torc gu math agus gu ro-mhath, is ghabh e fhe/in 's a ghillean an leo\ir dheth. Gach cnaimh mar a lomadh iad, thilgeadh iad sud do'n Bhla\r 's d'a ghillean. "Is olc an t-aoidh thu," ars' am Bla\r. "Mur faic thu na's miosa na sud dhi\om, mu'n tig an latha, na bi a' gearan," arsa Diarmad, is dh' iarr e an t-ubhal a thoirt a nuas gus an oidhche fhada gheamhraidh a chur seachad air a' Bhla\r-Bhuidhe. Thug a' bhean a nuas an t-ubhal agus tho\isich an cleas. Air a' cheud tilgeadh a thug Diarmad do'n ubhal, mharbh e dithis de na bha air laimh dheis a' Bhla\ir. "Is olc an t-aoidh thu," ars' am Bla\r. "Mur faic thu na's miosa na sud dhi\om, mu'n tig an latha, na bi a' gearan," arsa Diarmad. Thilg am Bla\r air ais an t-ubhal ach cha do rinn e dochunn sam bith air gillean Dhiarmaid. Thug Diarmad an t-ath-thilgeadh do'n ubhal is mharbh e dithis de na bha air la\imh chli\ a' Bhla\ir, agus mar sin, gus an do mharbh e am fear mu dheireadh dhiubh, is am Bla\r gun aon ta\mh ag radh, "Is olc an t-aoidh thu," agus a amhuil sin, Diarmad 'ga fhreagairt, "Mur faic thu na's miosa na sud dhi\om mu'n tig an latha, na bi gearan." An uair a bha iad sgi\th de chluich an ubhail-o\ir, thubhairt Diarmad ris a' Bhla\r, gu'm b' fhearr dhaibh dol a chur cuir-gleachd, agus ma chaidh, cha robh an gleachd fada air chumail, an uair a bha am Bla\r air claisnich a dhroma air leacan loma an u\rlair. "Is olc an t-aoidh thu," ars am Bla\r, is thug e cnead ghointe as. "Mur faic thu na's miosa na sud dhi\om, mu'n tig an latha na bi gearan," arsa Diarmad, is dh' iarr e air a' mhnaoi a' ghreideal a chur air, gus an rachadh casan a' Bhla\ir a gharadh; gur cinnteach gu'n robh e fuar an de/igh tighinn dachaidh as a' bheinn-sheilg. Chaidh a' ghreideal a dheanamh dearg; is thug Diarmad togail do'n Bhla\r, is bha sud 'na sgug buidhe air a' ghreidil. "Oiteag, oit oit," ars' am Bla\r. "Gabh air do shocair e,: arsa Diarmad, "creinidh do chnaimhean buidhe air mu'n cobhair mise ort," is chum e air a' ghreidil e, gus an do loisg a chasan gu ruig na sleisdean. Bha am Bla\r a nis gun chomas suidhe, agus ghrad-sparr Diarmad stob-na-feo\la troimhe, is bha e an sin gun chomas e/irigh no suidhe, is thilg e air a shlisnich anns a' chu\il e. Tra a bha iad seachd sgi\th ag e/isdeachd oiteagail a' Bhla\ir, rug Diarmad air sprogan air is thuirt e, "Am ba\s air do mhuin, a' bhodaich, ciod e d' e/iric? is tog dhi\nn bri\gh do chluich." "Oiteag, oit, oit," ars' am Bla\r, "cha' n'eil a dh' e/iric agamsa ach cuach ioc-shlaint a tha am bun na creige ud thall agus leighisidh i Fionn." An uair a chuala Diarmad mu'n chuaich cha d'fhuirich e ri tuilleadh chumhlaidean iarraidh; bu ro fhada leis a bha bra\thair a mha\thar 'na chuaradh aig bun an tuim, is chaidh e do'n uamha. Thugar a cheud la\mh air a'chuaich is buailear leatha gu Fionn, is ionnlaidear a chreuchdan leatha tri\ uairean. A' cheud uair dh' fha\s a chasan gu ruig na glu\inean; an darna uair, dh' fha\s iad gu ruig na h-aobrainn, is an treas uair, bha Fionn gun chron, gun chiothram, cho beo\ sla\n 's a bha e riamh! Rinn aon bhoiseag de dh' uisge na cuaiche geasan nan gillean a bhristeadh, is thug e am Bla\r air. "A chulaidh-thruais," arsa Diarmad ris, "bo\idich nach iomair thu tuilleadh de gheasan no de chleasan air an Fheinn." Bho\idich am Bla\r sud is iomadh rud eile a bharrachd, is thug Diarmad gu suairce dha fe/in is da ghillean an diol a dh' uisge na cuaiche is ghabh iad an cead de a che/ile. A dheanamh sgeula goirid dheth, lean a' chuach ris an Fheinn, is dh' fha\g mise aca i.